Dualachas Chroitearachd Cairt-Chluiche / Cultural Crofting Playing Cards

Dùbhlachd 2016

Tha​‘Cairtean-cluiche Dualchas Croitearachd’ a’ leudachadh air pròiseact a thòisich ATLAS ann an 2014. Dh’obraich iad an co-bhonn ri ionad-latha Craigard ann an Uibhist a Tuath agus Quigley air pròiseact fo ainm Beatha air an Talamh airson rannsachadh a dhèanamh air dualchas àraid agus cultar croitearachd.

A‑mach às a’ phròiseact thàinig seata àraid de chairtean taisbeanaidh Gàidhlig air croitearachd a tha a’ taisbeanadh sgilean na buidhne agus sgilean coimhearsnachd croitearachd san fharsaingeachd, air am fighe còmhla le samhlaidhean, inneach agus pàtrain a’ riochdachadh mar a tha croitearachd, cultar agus cruth-tìre air an ceangal ri chèile.