A' Chlò-bheart Phoblaich

S e a th’ anns a’ Chlò-bheart Phoblaich (Making Publics Press) an stiùidio so-ghiùlain aig ATLAS Arts airson a bhith a’ dèanamh leabhraichean, far an urrainn dhuibh na stuthan foillsichte agaibh fhèin a dhealbh, a chlò-bhualadh, a cheangal agus a ghearradh. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine pròiseactan leabhair cruthachail a thoirt gu bith agus àireamh bheag dhen leabhar aca fhoillseachadh agus a sgaoileadh air feadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse – agus air feadh an t‑saoghail – gu luath agus gun cus cosgais.

S urrainn dhuibh iasad fhaighinn air an uidheamachd agus a toirt leat ann an càr, agus faodaidh daoine bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha airson an uidheamachd a chleachdadh, a cumail airson ghreisean nas fhaide.


Ma tha sibh airson a cleachdadh cuiribh fios gu mpp@atlasarts.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

Open days - Out and about

From time to time the open days will take place in different venues across Skye, Raasay and Lochalsh. Upcoming dates will be posted here and on social media.

Tha an uidheamachd a leanas aig Making Publics Press

  • Uidheam ceangal Digibind FPB33 - seo inneal ceangail glaodh (chan eil seòrsa eile uidheamachd ceangail againn an-dràsta)
  • Uidheam gearraidh pàipeir Ideal 4700
  • Uidheam pasgaidh (gus còmhdaich a phasgadh)

  • Xerox WorkCentre 7830 Leth-bhreacadair / Scanair / Clò-bhualadair

  • Cruinneachadh mòr de phàipear geal is dath-uachdar-bainne - còmhdaichte agus gun chòmhdach ann an diofar chuideaman (a thugadh seachad gu coibhneil le Strath Print)

Cosgaisean

Bidh an t-àite ag obair air stèidh pàighidh nas urrainn dhut - le tabhartasan a' pàigheadh son càradh bliadhnail nan innealan, cosgaisean clò-bhualaidh, agus ruigsinneachd an-asgaidh don àite do dhaoine gun tuarastal.

Tha an t-àite fosgailte do dhuine sam bith agus tha e ag obair air stèidh neo-phrothaideach. Tha sinn ag iarraidh air daoine nas urrainn dhaibh a phàigheadh gus ar cuideachadh le cosgaisean clò-bhualaidh (a tha a' cosg 0.35sg gach taobh D&G dhuinn, agus 3.5sg airson gach taobh dathte). Mar tuairmse, chosgadh leabhar clò-bhuailte A5 le 50 duilleag agus dà-thaobh le còmhdach dath timcheall air £4 dha ATLAS.

Mas ghabhas, faodar cuideachd leth-bhreac den leabhar agad fhàgail do leabharlann ATLAS.

View our Making Publics Press Resources ↗ Access notes Make a donation ↗