Thoir taic do ATLAS

Tha tachartasan agus prògraman ATLAS Arts an-asgaidh far an toirear seachad iad.

Tha sinn nar buidheann neo-phrothaideach agus mar Charthannas clàraichte Albannach. Tha sinn an-dràsta a’ faighinn taic bho Alba Chruthachail mar Bhuidheann le Maoineachadh Cunbhalach 2018 – 2022.

Thoir taic dhuinn:

Bidh ATLAS a’ cuir air dòigh tachartasan cultarail mòra agus pròiseactan nas lugha, nas sàmhaich sa choimhearsnachd ionadail againn. Tha ionnsachadh, agus sgaoileadh sgilean is goireasan aig cridhe ar n‑obrach. Ma thathas airson taic a thoirt do obair ealain ATLAS, faodar:

Cuir tabhartas thugainn ↗ Ceannaich deasachadh neach-ealain


Is iad na prìomhachasan againn airson airgid a thional gum faigh luchd-ealain agus luchd-obrach neo-cheangailte obair chothromach agus pròiseactan ealain eadar-nàisneanta gan stiùireadh gu h‑ionadail. Ma tha ùidh agad tabhartas nas motha a thoirt seachad, seo cuid de na dòighean anns am b’ urrainn dhut taic a thoirt dhuinn:

  1. Thoir taic do bhùth-obrach foillseachaidh air Press Making Publics Press airson £200-£500
    Leigidh do taic leinn 20 – 50 leth-bhreac de fhoillseachadh ùr neo-eisimeileach a chlò-bhualadh, a cheangal agus a sgaoileadh – ag obair le buidheann ionadail.

  2. Thoir taic do neach-ealain no muinntireas rannsachaidh £1500-£5000
    Thoir taic do neach-ealain, neach-cruthachaidh no neach-rannsachaidh obrachadh còmhla rinn san Eilean Sgitheanach gus pròiseact ùr a leasachadh le muinntir an àite. Dh’fhaodadh seo a bhith na rannsachadh air eaconamaidhean dùthchail, tràighean, ceartas gnàth-shìde, dualchas ionadail agus cànan – a’ leigeil leinn còmhraidhean mac-meanmnach a thòiseachadh san àm ri teachd.

  3. Thoir taic do dheasachadh neach-ealain ùr airson £1500-£5000
    Leigidh an taic leinn cothrom pàighte a chruthachadh airson aon neach-ealain agus aon neach-saothrachaidh. Thèid a’ phrothaid a thig às reic ealdhain is irisean a roinn gus taic a thoirt do bhuidheann cultarach a thaghas an neach-ealain, leis an còrr a’ maoineachadh obair neach-ealain ATLAS eile.

  4. Thoir taic do Sgoil Plural Futures bho £4,000 is barrachd
    Sgoil fo stiùir òigridh a’ sgrùdadh ceartais sòisealta san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Leigidh an taic leinn tuarastal cothromach a phàigheadh airson neach-ealain a bhith a’ stiùireadh na sgoile airson 1 – 6 mìosan, agus do dhaoine òga san Eilean Sgitheanach innse na tha iad ag iarraidh bhon àm ri teachd aca.

Gus bruidhinn air tuilleadh mun seo, cuir fios gu Stiùiriche ATLAS, Ainslie Roddick