‘Seas’ le Caitlin NicFhearghais
‘Seas’ le Caitlin NicFhearghais, stocainnean, cairt-phuist agus ealain chlò-bhuailte leis an neach-ealain, 2025
’S e a th’ ann an Seas!, deasachadh ùr sònraichte de dh’obair-ealain leis an dealbhaiche Caitlin NicFhearghais a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha ceud lethbhreac ann dhen deasachadh seo, agus gheibhear paidhir stocainnean, ealain chlò-bhuailte air A4 agus cairt-phuist anns gach lethbhreac.
San obair aig Caitlin, agus san obair aig an stiùidio aice, Sona Design, bidh i a’ togail bratach cànan is cultar na Gàidhlig tro obair dhealbhachaidh ghrafaigeach agus tro aodach is nithean eile a chuireas daoine orra.
Seo deasachadh le 100 paidhir stocainnean, obair-ealain chlò-bhuailte agus cairtean-puist air a bheil am facal ‘seas’ – san obair-ealain seo thathar ag iarraidh air daoine a dhol air an casan, strì a dhèanamh, agus diùltadh a bhith sàmhach, agus seasamh ann an guaillibh a chèile le muinntir Palestine. Thèid 100% dhen phrothaid a nithear às an deasachadh seo a thoirt do The Freedom Theatre ann an Jenin, Palestine, a bhios a’ toirt chothroman do dhaoine òga ann am Palestine a bhith ri obair chruthachail.
ROGHAINNEAN PÀIGHIDH
Tha sgeama pàighidh le trì ìrean ann airson an deasachaidh seo: làn-phrìs le tabhartas-taice do dhaoine eile, làn-phrìs, agus prìs le lasachadh.
Tha an tabhartas-taice do dhaoine eile a’ cur taic ris a’ phrìs le lasachadh gus an urrainn do bharrachd dhaoine obair-ealain a cheannach. Tha àireamh chuibhrichte de lethbhric chlò-bhuailte rim faotainn aig prìs le lasachadh agus tha iad airson daoine aig nach eil cosnadh no aig a bheil teachd-a-steach ìosail agus nach urrainn an làn-phrìs a phàigheadh.
Prìs le lasachadh: £20
Làn-phrìs: £30
Làn-phrìs le tabhartas-taice do dhaoine eile: £40
* Tha prògram nan deasachaidhean aig ATLAS Arts a’ cuideachadh le bhith a’ co-phàirteachadh obair-ealain aig prìs reusanta, agus le bhith a’ cruthachadh phròiseactan ùra a nì luchd-ealain tro ATLAS. Uaireannan cleachdar an t-airgead a nithear bho bhith a’ reic dheasachaidhean gus taic a chur ri buidhnean cultarach is àrainneachd eile. Leis an deasachadh seo tha sinn air roghnachadh taic a thoirt do Freedom Theatre, buidheann le amasan a tha a’ co-fhreagairt air na h-amasan carthannach aig ATLAS Arts: a’ cur air adhart nan ealain, dualchas, agus cultar; foghlam; agus saoranachd.