SGOIL NAN SAOGHAL ÙRA IOMARRA, BLIADHNA 3
Dàmhair 2024 — Dàmhair 2025Tha daoine bho air feadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, còmhla ri Emmie McLuskey, a’ cruthachadh sgoil de sheòrsa eadar-dhealaichte far a bheilear a’ bruidhinn air beatha dhaoine san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse agus air na cothroman a th’ ann nar beatha.
Bidh an sgoil a’ cur air dòigh sreath de chruinneachaidhean – far a bheil cothrom ann gus smaoineachadh agus gus fuasglaidhean a lorg air cuid de na dùbhlain ionadail is chruinneil a tha ro dhaoine òga. Bidh sinn a’ togail cheistean agus ag ionnsachadh còmhla mu cheartas sòisealta, suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde agus mu na tha an lùib a bhith a’ fuireach is ag obair an seo san latha an-diugh.
Thòisich an sgoil ann an 2021, agus tha an sgoil ann air feadh na bliadhna agus seo an treas cuairt aig an sgoil. Thoiribh sùil air Bliadhna a h‑aon, Bliadhna a dhà agus Bliadhna a trì agus chì sibh na tha air a bhith a’ dol agus na bhios a’ tachairt san ùine air thoiseach.