Coimisean Fèin-fhoillseachaidh do Neach-ealain: Caitlin NicFhearghais

Ògmhios 2025 — leantainneach

As dèidh dhuinn sanasachd phoblachd a dhèanamh air cothrom do neach-ealain gus pròiseact ealain, ùr, lèirsinneach a thoirt gu buil far am bi iad a’ dèanamh sgrùdadh air eachdraidh na h‑obrach gus stuthan foillseachaidh a dhèanamh, agus air saoghal an fhèin-fhoillseachaidh, tha sinn air leth toilichte an naidheachd a sgaoileadh gun deach iarraidh air Caitlin NicFhearghais an cothrom sin a ghabhail.

’S e dealbhaiche grafaigeach is neach-ealain a th’ ann an Caitlin a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cànan, cultar agus àiteachan na Gàidhlig.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ sgaoileadh barrachd fios mun phròiseact agus ri bhith a’ toirt fiathachadh do bharrachd dhaoine gus pàirt a ghabhail ann, fhad ​’s a tha am pròiseact a’ dol air adhart ann an 2025.