Cuairtearan Furachail

Dàmhair 2024 — Iuchar 2025

’S e a th’ ann an Cuairtearan Furachail greis-rannsachaidh air aoigheachd far a bheil an neach-ealain Eilidh NicCoinnich a’ coimhead air sgrìobhadh siubhail san ochdamh linn deug, agus tha i a’ coimhead gu h‑àraidh air Tours of Wales and Scotland le Tòmas Pennant (1726−1798).

Tha seo mar phàirt de phròiseact acadaimigeach, com-pàirteach eadar Ionad Eòlas Adhartach na Cuimris agus na Ceiltis aig Oilthigh na Cuimrigh, Oilthigh Ghlaschu agus Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair, Lunnainn, a tha a’ faighinn taic bho Chomhairle Rannsachadh nan Ealain is nan Daonnachdan.