Anesu agus na Creutairean Uisge

Dàmhair 2025 — leantainneach

’S e leabhar cloinne ùr a th’ ann an Anesu agus na Creutairean Uisge, foillsichte le ATLAS Arts, sgrìobhte le Tawana Maramba agus tha dealbhan eireachdail ann le Ann NicLeòid. ​’S ann mu bheatha nan Afro-Ghàidheal ann an Alba a tha an sgeulachd, agus clann a tha a’ tòiseachadh san sgoil ann an àite ùr airson a’ chiad uair.

Tha an sgeulachd stèidhichte ann am bun-sgoil far a bheil Anesu, a tha air tighinn còmhla ri a teaghlach à Zimbabwe o chionn ghoirid a dh’fhuireach ann an Alba, a’ dol dhan sgoil airson a’ chiad latha aice. Tha an tidsear agus na sgoilearan eile ga brosnachadh gu bhith ag innse dhaibh mu a beatha ann an Zimbabwe, agus tha i ag innse dhaibh mu dheidhinn sin agus mu sgeulachd mu phealaidh leis an ainm Njuzu, agus tha sin uile a’ brosnachadh a’ chlas gu bhith ag innse sgeulachdan mu chreutairean mara agus gu bhith a’ neartachadh a’ chàirdeis a tha eatorra.

San leabhar tha obair-ealain a rinn clasaichean P1, 2 agus 3 ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus Buidheann BAME Dhùn Èideann airson FtG, a ghabh pàirt ann an sreath de bhùithtean-obrach a stiùir Tawana fhad ​’s a bha i ag ullachadh gus an leabhar a sgrìobhadh.


A thuilleadh air tachartasan gus an leabhar a chur air bhog ann an Dùn Èideann, Port Rìgh agus Steòrnabhagh, thathar a’ cur lethbhreac an-asgaidh chun a h‑uile leabharlann air a’ Ghàidhealtachd, agus chun a h‑uile sgoil is aonad Gàidhlig ann an Alba gus foillseachadh an leabhair a chomharrachadh. Ma tha thu nad neach-eagrachaidh, neach òg no pàrant a tha a’ gabhail pàirt ann am foghlam no buidheann FtG eile do chloinn aois 5 – 9, agus nan còrdadh e riut lethbhric an-asgaidh fhaighinn, sgrìobh gu admin@atlasarts.org.uk agus cuiridh sinn feadhainn thugad.